|
Cur-air-bhog FilmG aig goNorth
Chùm FilmG tachartas cur-air-bhog sònraichte do dhealbhadairean film agus buill nam meadhanan sgrìon is craolaidh aig Fèis goNorth an Inbhir Nis, Dihaoine 12 Ògmhios.
An dèidh do riochdairean cruinneachadh airson grèim-nòin ’s glainne fìon, chuir Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA, far comhair am film proifeiseanta le Ùisdean Moireach ,’Siùbhlachan’ , a bhuannaich an-uiridh. Gu mì-fhortanach, cha b’ urrainn do dh’ Ùisdean fhèin a bhith ann gus bruidhinn air fhilm oir, bha e ga chur air adhart aig Fèis TIME FILM san Eilbheis. Bhruidhinn Seònaid NicDhòmhnaill, buannaiche nan Inntrigeach Ùra, air cò ris a bha e coltach am film ‘Oidhche Shathairne’ a dhèanamh còmhla ri a fear-camara, Jim Hope. ’S ann a thòisich an co-obrachadh soirbheachail aca aig buidheann-obrach deireadh-sheachdain FilmG san Eilean Sgitheanach san Dàmhair an-uiridh. Gu dearbha, bha e anabarrach math uiread de dh’ inntrigich bho an-uiridh fhaicinn a-rithist, ’s a bhith a’ cluinntinn mu dheidhinn nam pròiseactan aca an-dràsta.
Bha co-obrachadh mar phrìomh theachdaireachd do chompàirtichean ann am FilmG am-bliadhna. Dèan cinnteach gun cuirear gu feum ar làrach-lìn is lìonraidhean sòisealta gus fios a chur air na daoine ceart a chuidicheas tu le do chuid phròiseactan. Ma tha ceist sam bith agad, cha leig thu leas ach fios a chur gu sgioba FilmG (Flòraidh agus Michelle).
Ceud mìle taing do Amanda Millen agus Iain Hamilton aig Roinn Ghnìomhasan Cruthachail Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a thug dhuinn an cothrom agus latha taitneach tlachdmhor.
Àrd-ùrlar an t-saoghail airson buannaiche FilmG
Chaidh cuireadh a thoirt do dh’ Ùisdean Moireach, stiùiriche òg ionmholta ’s buannaiche FilmG à Uibhist a Tuath, pàirt a ghabhail ann an dà fhèis film eadar-nàiseanta chliùmhor as t-samhradh seo.

’S e farpais eadar-nàiseanta de dh’ fhilmichean goirid a th’ anns an Time Film Festival, a bhios air a cumail anns an Eilbheis 19 agus 20 Ògmhios; agus ’s i an fhèis film gnè as motha ann an Àisia am Puchon International Fantastic Film Festival, a thèid a cumail ann an Coirìa a Deas 16 Iuchar.
Thèid beachdachadh air ‘Siùbhlachan’ airson grunn duaisean aig an Time Film Festival agus am Puchon International Fantastic Film Festival mar an ceudna.
Thuirt Ùisdean Moireach: “Tha mi glè mhoiteil às an fhilm agus às an fheadhainn uile a bha an sàs ann. ’S e urram mòr dhà-rìribh a th’ ann a bhith air ar taghadh airson a leithid seo de dh’ fhèisean cliùmhor agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur ‘Siùbhlachan’ fa chomhair luchd-amhairc an t-saoghail. Tha mi an-dràsta a’ leasachadh an fhilm ghoirid gu bhith na phìleat craolaidh do BhBC Alba.”
Thuirt Dòmhnall Caimbeul, Àrd-oifigear MG ALBA: “’S e sàr-obair a th’ ann an ‘Siùbhlachan’. Tha e a’ gabhail a-steach a h-uile nì a bha sinn an dùil do FilmG – sgeulachd iongantach math ga h-innse le faireachdainn le tàlant ùr air ar sgàileanan. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do dh’ Ùisdean anns an dà fhèis film eadar-nàiseanta mhòr seo san Eilbheis agus ann an Coirìa a Deas. Còrdaidh e gu mòr ris an fheadhainn a thèid chun na fèis nuair a chì iad e, agus tha sinn an dòchas gum bi e air a mheas leotha mar chomharra den tàlant chruthachail a tha anns a’ ghnìomhachas film agus telebhisein Ghàidhlig.”
Bidh Siùbhlachan ga thaisbeanadh anns an roinn Comhstrì Eadar-lìn (Internet Contest) aig an fhèis fhilm aig Rutgar Hauer, “I’ve Seen Films” nas anmoiche sa bhliadhna. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air www.icfilms.org
Agallamh le Megan NicIllFhaolain
Buannaiche Cluich as Fheàrr (Daoine Òga), FilmG 2008 airson a pàirt ann an An Rathad Dachaidh le Àrd-sgoil Mhalaig.

An do dh’ atharraich do bheatha bho FilmG2008?
Cha do dh’ atharraich, ach fhuair mi misneachd mhòr bho bhith buannachadh duais. Dh’ fhiosraich mi cuideachd nach dèan aon oidhirp a-mhàin an gnothach gus shot camara ceart fhaighinn!
Chrìochnaich An Rathad Dachaidh le ceann-finid neo-chinnteach. An do thachair dad eadar thu fhèin agus Friseal aig an deireadh?
Cha do thachair!
Am bu toigh leat fhèin a bhith nad phrìomh chluicheadair ann am film?
Bu toil. Ach ’s dòcha an toiseach a’ toirt taic don phrìomh chluicheadair, gus am fàs mo mhisneachd.
Dè a’ chomhairle a bheireadh tu do neach sam bith a tha an dùil pàirt a ghabhail ann am FilmG 2009?
Feuch gun gabh thu tlachd às! Na gabh ris a’ chiad bheachd agad a-mhàin, ach leasaich sgriopt agus dèan cinnteach gun tachair rudeigin inntinneach ro chòig mionaidean a thìde – na leig leis fàs ràsanach!
Coimhead air Megan anns An Rathad Dachaidh air www.filmg.co.uk
TàlantG
Ma bhios tu a’ sìreadh neach-labhairt Gàidhlig, ’s tu a’ cur film ri chèile airson FilmG, nach cuir thu fios thugainn.
Tha an stòras de thàlant Gàidhlig againn a’ sìor fhàs. Aig an àm tha seo, gheibhear lorg air buill de stòras Tàlant Gàidhlig air an duilleig shònraichte Facebook againn; Co-fharpais FilmG, mar sin, carson nach toir thu fhèin sùil air? Nam bu mhath leat fios a chur air neach sam bith air an duilleig seo, cuir post-d gu fios@filmg.
Bidh sinn a’ cur Tàlant Gàidhealach air làrach-lìon FilmG a dh’aithghearr.
Mas e ’s gu bheil thu a’ miannachadh a bhith nad sgrìobhadair, cleasaiche no cluicheadair, ’s tu deònach do sgilean cànain ionnsachadh do chàch, seo an t-àm dol an sàs sa ghnothach.
Ma dh’ fhaoidte gum faigh thu an cothrom obrachadh le oileanaich a tha air cùrsaichean meadhain cheana aig oilthighean eile, leithid Napier/RSAMD/ Caileadanach Ghlaschu /UWS , agus aig a bheil sàr sgilean teignigeach, ged nach eil Gàidhlig aca.
Cha tèid do phàigheadh, ach ’s e ceum air adhart a th’ ann gu bhith ag obair anns na meadhanan Gàidhlig, a chionn ’s gum faic britheamhan à BBC ALBA agus buidhnean eile (Scottish Screen agus BAFTA Scotland) do chuid obrach. Chan eil fhios cuideachd nach buannaich tu duais airson cluich as fheàrr no neach-lìbhrigidh as fheàrr.
Dealbh na Mìos!

Tom, modail FilmG, a tachairt le sgoilearan bho Lasswade agus Peighinn na Cuthaig
|
Tachartasan is Buidhnean-obrach
Fèis Film nan Eileanan Beaga
Beinn nam Fadhla, 19 – 21 Ògmhios 2009

Tha Fèis Film nan Eileanan Beaga 2009 a’ toirt prosbaig air a’ chuspair ‘dachaigh’ agus ‘tilleadh dhachaigh’ le prògram de sgrìonaidhean agus còmhradh air filmichean goirid, aithrisean, aithrisean-dràma agus filmichean-tasgaidh gann bho choimhearsnachdan eileanach an t-saoghail.
Thoir an aire gur e an Screen Machine: Take 2 am prìomh àite, a bhios suidhichte mu choinneamh Hotel Dark Island, Lìonacleit. Bidh prògram de na h-aon sgrìonaidhean gan ruith aig an aon àm ann an Seòmar Hiort, Hotel Dark Island.
Gairm airson Chleasaichean – EAGLE OF THE NINTH
Tha Des Hamilton Casting a’ lorg raon de chleasaichean Gàidhlig gus nochdadh ann an Eagle of the Ninth, film air a stiùireadh le Kevin MacDhòmhnaill, agus stèidhte air an leabhar le Rosemary Sutcliffe. Tha Eagle of the Ninth ga shuidheachadh ann am Breatann nan Ròmanach, far an dùraig curaidh Ròmanach dol a-steach a dh’ Alba gus feachd chaillte a theàrnadh. Tha iad a’ sireadh balach gu h-àraid, aois 9-13, le Gàidhlig fhileanta gus àite cudromach a chluich san fhilm. Bidh an taghadh a’ gabhail àite ann an Glaschu sna seachdainean a’ tòiseachadh 15mh agus 22mh Ògmhios.
Fios gu:
Kimberley O’ Neill,
Casting Assistant,
Des Hamilton Casting,
17f Clerkenwell Road,
EC1M 5RD
Oilthigh Caileadonach Ghlaschu - MA - Sgrìobhadh Ficsean Telebhisein
Chan eil an cùrsa ùr for-cheum seo a’ cuimseachadh air sgrìobhadh airson na roinn telebhisein a-mhàin. Ma tha ùidh agad no ma bhios tu deiseil is deònach do sgilean cruthachail sgrìobhaidh a leasachadh airson telebhisein, cuir fios gu:
P-d matv@gcal.ac.uk
L: www.tvfictionwriting.com
Thoir an aire gum bheil àireamh de dh’ àitichean rim faighinn pàighte leis a’ ghnìomhachas.

Air an Rathad: Sreath 2
Tha Eyeline media a’ lorg dhaoine gus dol an sàs ann an sreath 2 den phrògraim chàraichean, Air an Rathad. Ma tha thu airson pàirt a ghabhail, cuir fios gu Mairead Martin aig Eyeline Media Ltd, 01224633628 | www.eyeline-media.co.uk |
Fèis Film Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann
17-28 Ògmhios 2009
Tachartasan “Birds Eye View” aig Fèis Film Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann
Celebrating Women Filmmakers
Latha: 20 Ògmhios 2009
Àm: 7.15-8.30pm
Àite: Delegate centre café bar, Hotel Mercure Point, Dùn Èideann
Pitch and Connect
Latha: 22 Ògmhios 2009
Àm: 3.30-5pm
Àite: Hotel Sheraton, Seòmar Glenkinchie, Dùn Èideann
Gus d’ àite a ghleidheadh. Cuir brath gu: industryevents@edfilmfest.org.uk

CÙRSAICHEAN GOIRID GÀIDHLIG
Sabhal Mòr Ostaig
Iuchair is Lùnastal 2009
Fios: Susanne NicDhòmhnaill, Co-òrdanaiche Chùrsaichean Goirid
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: +44 (0)1471 888 240
Facs: +44 (0)1471 888 002
Gheibh thu sinn air facebook, bebo agus mygaelic.com


 |