|
FilmG aig Sgoil Shamhraidh Dràma Fhèisean nan Gàidheal
An t-seachdain seo, bha sgioba FilmG a’ teagasg sa chiad bhuidheann-obrach againn do dheugairean a’ gabhail pàirt ann an Sgoil Shamhraidh Dràma Fhèisean nan Gàidheal aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.
Dh’ullaich na buidhnean an sgriobtaichean airson filmeadh ro làimh agus air latha an fhilmidh fhèin dh’fhàs iad eòlach air a bhith a’ cleachdadh camara is uidheam-fuaim proifeiseanta airson am filmichean-goirid a dhèanamh. Làrna-mhàireach, chuir iad ùine seachad a’ deasachadh am filmichean air imovies. Spòrs mhòr air a dinneadh a-steach gu dà latha agus nach sinne a tha a’ dèanamh fiughair ris na rinn iad fhaicinn air-loidhne san Dùbhlachd.

‘Siùbhlachan’ air a thaisbeanadh aig T in the Park
Chaidh ‘Siùbhlachan’ am film mòr-chordte aig buannaiche FilmG, Ùisdean Moireach, a shealltainn ann an cruinn-mhullach Visit Scotland aig T in the Park mar phàirt de thaisbeanadh fhilmichean-goirid Albannach aig BAFTA na h-Alba. Taing mhòr do sgioba BAFTA na h-Alba airson na taic mhìorbhalaich a thug iad do FilmG, is iad gar cuideachadh gus tàlant Gàidhlig a thoirt gu aire an t-saoghail!
An-diugh, bidh Ùisdean air crìoch a chur air an fhilmeadh airson poidhleat de ‘Siùbhlachan’ air-làrach ann an Uibhist a Tuath. Airson faighinn a-mach mu ciamar a thèid dhan phrògram tha luchd-coimiseanaidh BBC ALBA air iarraidh air an treas prògram san t-sreath a dhèanamh. Tha sinn an dòchas gu bheil Ùisdean soirbheachail agus gum faic sinn ar ciad choimisean FilmG air BBC ALBA ann an ùine nach bi fada!
TalantG

Ma tha thu a’ dèanamh film do FilmG agus tha thu a’ sireadh neach-bruidhinn na Gàidhlig, nach cuir thu fios thugainn.
Tha ar stòras de thàlant Gàidhlig a’ sìor fhàs agus tha sinn ro thoilichte airson na tha seo de thaic. An t-seachdain seo fhèin, ghabh oileanach an t-Sabhail Mhòir, Alasdair Crow, pàirt san iomairt. Ach tha sinn feumach air fada a bharrachd dhaoine. Mar sin, mas e Gàidheal a th’ annadsa agus tha miann agad dol an sàs ann carson nach cuir thu thugainn dealbh a tha cuimseach ùr agus pìos beag sgrìobhte mu do dheidhinn airson ar làraich-lìn. Mas e filmeadair a th’ annad agus tha thu ag iarraidh fios a chur gu ball de ThàlantG, chan fheum thu ach post-d a chur gu fios@filmg.co.uk. Tha TàlantG na bhuidheann de Cho-fharpais Filmg air Facebook, mar sin dèan ceangal ris agus fàg do bheachdan.
Cuir thugainn na filmichean agad
Chan fheum thu feitheamh dhan t-Samhain. Faodaidh tu na filmichean agad a luchdachadh suas gu dìreach gu www.filmg.co.uk a-nise, mar sin ma tha rudeigin ullamh agad carson nach cuir thu thugainn an-dràsta fhèin e?
Molaidhean Mòra FilmG le Amanda Millen
Ciamar a bhrùthas tu sàr-sgeulachd a-steach gu 5 mionaidean? Do-dhèanta? Chan eil idir!
Coimhead air riochdaire Amanda Millen gu h-ìseal is i a’ toirt seachad coimhairle fhiosrach air mar a ghlacas tu aire an luchd-amhairc ann am film-goirid. Cùm sùil gheur air www.filmg.co.uk airson na th’ ann de mholaidean mòra is fiosrachadh feumail ri thighinn a dh’aithghearr.
Comhairleachadh
An-uiridh fhuair iadsan a bha a’ gabhail pàirt fìor bhuannachd à comhairle is eòlas proifeiseantaich a’ ghnìomhachais
Tha sinn an-dràsta a’ cur ri chèile buidheann chomhairlichean a bhios ro thoileach do chuideachadh le ceist sam bith a dh’fhaodas èirigh nad inntinn, no a bhith a’ toirt beachd air an sgriobt no na smuaintean agad. Leig fios thugainn aig fios@filmg.co.uk nam biodh ùidh agad anns an t-seirbheis comhairleachaidh againn. Agus faodaidh tu na ceistean a tha thu ag iarraidh fhaighneachd dhe na comhairlichean cuideachd a chur gu fios@filmg.co.uk.
|
Tachartasan is Bùithtean-obrach
Bùithtean-obrach FilmG aig an Deireadh-sheachdain - Ìre tòiseachaidh
6-7 Sultain
Sgeulachd, riochdachadh, stiùireadh, fuaim agus camara
Story Development
Inverness: Tuesday 8 Sep
Stornoway: Thursday 10 Sep
Uist: Saturday 12 Sep
Argyll: Monday 14 Sep
Glasgow: Tuesday 16 Sep
Leasachadh SgeulachdanInbhir Nis: Dimàirt 8 Sultain
Steòrnabhagh: Diardaoin 10 Sultain
Uibhist: Disathairne 12 Sultain
Earra-Ghàidheal: Diluain 14 Sultain
Glaschu: Dimàirt 16 Sultain
Air beulaibh a’ Chamara
An t-Eilean Sgitheanach: 22 & 23 Sultain (feasgar)
Glaschu: 7 & 8 Dàmhair (feasgar)
Clasaichean Filmeadaireachd – Eadar-mheadhanachStiùireadh | taobhan cruthachail de fhilmeadaireachd | a’ cleachdadh Gàidhlig nad fhilm
Inbhir Nis: 26 & 27 Sultain
Glaschu: 10 & 11 Sultain
Buidhnean-obrach Gearraidh: rin dearbhadh
Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus fhoirmichean-iarrtais air ar làraich a dh’aithghearr. Cuir post-d gu fios@fillmg@co.uk ma tha ceist sam bith eile agad.
Taisbeanaidhean BAFTA na h-Alba an Eden Court 13 Lùnastal, 8f
Taisbeanaidhean agus cothrom ceistean a chur air na filmeadairean
Làn fhiosrachadh ri thighinn

1 - 9 L ùnastal 2009
A’ tòiseachadh aig Drochaid Urchaidh 1 Lùnastal, bidh Tilda Swinton, Mark Cousins agus an sgioba a’ siubhal tron Ghàidhealtachd còmhla ris an Screen Machine, an taigh-dhealbh gluasadach. Theirig dhan làraich-lìn aca airson tuilleadh fhaighinn a-mach.

Bun-eòlas air Final Cut Pro
12na – 14mh Lùnastal, 2009 (10m-5f gach latha)
Acadamaidh an Sgàilein is Mheadhanan Dhùn Èideann
Bidh an fheadhainn a ghabhas pàirt ann ag ionnsachadh gus gnìomhan deasachaidh bunaiteach a dhèanamh, a’ cur eòlas air Final Cut Pro a bharrachd air a bhith a’ leasachadh an t-sruth-obrach agus tarbhachd. Chan thu a bhith eòlach air Final Cut Pro roimhe.
Tachartas Cultarach Boiheamach One Creative Alba
1 Lùnastal
Stiùidiothan Tollhouse, 10 Rathad Possil, Glaschu, G4 9SY
Sàr-thaisbeanadh de dh’obair thùsail innleachdach bho ghrunn luchd-ealain lèirsinneach, ceòladairean is filmeadairean Albannach: gus a bhith a’ dùsgadh bhun-bheachdan agus a’ brosnachadh cruthachas co-chuideachail. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho:
Ash Paterson
f: +44(0)7786 325 970
p-d: ash10677@yahoo.co.uk

CÙRSAICHEAN GOIRID GÀIDHLIG
Sabhal Mòr Ostaig
Iuchair is Lùnastal 2009
Fios: Susanne NicDhòmhnaill, Co-òrdanaiche Chùrsaichean Goirid
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: +44 (0)1471 888 240
Facs: +44 (0)1471 888 002
Gheibh thu sinn air facebook, bebo agus mygaelic.com


 |