|
Bùth-obrach chòmhnaidheil ìre-inntrigidh san Eilean Sgitheanach
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, 5-6 An t-Sultain 2009
Gheibh luchd-tòiseachaidh oileanachadh bunaiteach air ciamar a nithear film goirid de 3-5 mionaidean a dh’fhaid. Eadar leasachadh sgeulachd, planadh, clàradh agus stiùireadh film goirid, bidh misneachd aig oileanaich pròiseact film a ghabhail os làimh mus tig crìoch air an deireadh-seachdain. Bidh luchd-proifeiseanta a’ ghnìomhachais a’ stiùireadh sreath de 5 bùithtean-obrach de 2 uair a thìde thairis air 2 latha, agus oidhche amhairc fhilmichean goirid air oidhche Shathairne na chois. Bha an trèanadh còmhnaidheil seo gu math soirbheachail an-uiridh. Chuir 12 de na 18 luchd-frithealaidh a-steach filmichean, bhuannaich ceathrar dhiubh duaisean, ‘s bha deagh spòrs aig na h-uile!

Feumaidh oileanaich geàrr-mhìneachaidh (air an fhilm) a chur a-steach an cois an tagraidh.
Cìs a’ Chùrsa: £99.10 (àite-fuirich aig Sabhal Mòr Ostaig agus na tràthan-bìdhe uile fad dà latha nan cois) no £20.00 (le lòn agus teatha/cofaidh). Nach cuir thu seic an cois an tagraidh agad.
Ceann-latha airson tagraidhean: 28 An Lùnastal 2009.
Bùithtean-obrach Leasachadh Sgeulachd
 |
Ionnsaich ciamar a thèid agad air an luchd-amhairc a bheò-ghlacadh agus leasaich do sgriobt gu h-èifeachdach aig aon de na bùithtean-obrach leasachadh sgeulachd aig FilmG comhla le Amanda Millen. Cuir fios gu fios@filmg.co.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.
|
Inbhir Nis: Dimàirt 8 An t-Sultain
Steòrnabhagh: Diardaoin 10 An t-Sultain
Uibhist: Disathairne 12 An t-Sultain
Earra-Ghàidheal: Diluain 14 An t-Sultain
Glaschu: Diciadain 16 An t-Sultain |
Fios do Thidsearan!
An còrdadh e riut nan tigeadh FilmG dhan sgoil agad airson cuideachadh a thoirt dhad chlas le am Film? Leig fios dhuinn aig fios@filmg.co.uk no cuir fòn thugainn air 01471 888500. Feumaidh sinn cluinntinn bhuat ro 18 An t-Sultain ach an tèid againn air do sgoil a ghabhail a-steach nar clàr-ama trang de bhùithtean-obrach.
Bha sinn a’ leasachadh sreath de planaichean leasain còmhla ri Ionnsachadh agus Teagasg Alba gus cuideachadh do chlas a bhith a’ teannadh ris an obair fhilmeadaireachd, agus bidh iad rim faotainn air ar làrach-lìn a dh’aithghearr.
‘Seachdain nan Sgoilearan’ ri obair fhilmeadaireachd

Bha an cothrom aig sgoilearan na sgilean cànain aca a chleachdadh ann a bhith a’ clàradh film goirid do dh’FhilmG air ‘Seachdain na Sgoilearan’, cùrsa fad seachdain ionnsachadh na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Cha bheag an spòrs a bh’ aig na h-uile.
Seallaidhean FilmG
Chaidh na filmichean goirid a bhuannaich FilmG aig Ùisdean Moireabh agus Seònaid NicDhòmhnaill a shealltainn maille ri 6 filmichean eile, agus buannaichean Tàlant Ùr BAFTA nam measg, aig Cùirt an Aodainn air 13 Lùnastal mar phàirt den cho-thachartas aig BAFTA Alba agus HIE a bha a’ comharrachadh fhilmichean goirid Albannach. Faic roghainn nam fiosan feumail aig Ùisdean an seo.
Mar a faic sibh a bhideo, bhruth an seo.
Maoineachadh airson phròiseactan coimhearsnachd
Tha ‘A’ Chraobh’, Teaghlach na Gàidhealtachd, a’ tairgsinn taic do dhaoine òga ann a bhith a’ cur air chois phròiseactan, a’ ruith thachartasan coimhearsnachd, agus a’ leasachadh sgilean rannsachaidh. Tha iad cuideachd a’ cur euchdan is treubhantas dhaoine a bhuineas dhan sgìre, san latha a th’ ann agus a dh’fhalbh, an cuimhne an t-sluaigh. Tha maoineachadh suas ri £500 ri fhaotainn airson dannsa no tachartas sònraichte a chumail feadh Fèis an Tillidh Ghàidhealaich. (An Dàmhair 19-31).
Dh’fhaodadh seo a bhith na chothrom mìorbhaileach airson do choimhearsnachd a chomharrachadh tro fhilm goirid, agus leis gur e ‘gaisgeach’ tèama FilmG, cha robh riamh àm na b’ fheàrr airson a dhèanamh! Tha tuilleadh fiosrachaidh mun phròiseact ri fhaotainn aig http://www.achraobh.com.

Tha sinn a’ sireadh luchd-labhairt Gàidhlig fhathast airson gabhail pàirt ann an TàlantG, an stòras de thàlant againn a tha ann gus cuideachadh luchd-tòiseachaidh agus daoine aig nach eil Gàidhlig pàirt a ghabhail sa cho-fharpais. Cuimhnich gur e seo cothrom tighinn gu aire nam britheamhan; tha duaisean sònraichte ann airson cleasaidheachd agus an dòigh-thaisbeanaidh. Cuir thugainn dealbh ùr agus beath’-eachdraidh ghoirid aig fios@filmg.co.uk. Thoir sùil air www.filmg.co.uk/en/talant.html airson eisimpleirean.
Tha tè ùr againn a’ mhìos seo air TàlantG, Kerry Finlay.
|
Events & Workshops

ScreenWORKS Dhùn Eideann fosgailte a-nis!
’S e àite airson ionnsachaidh, conaltraidh is obair a th’ ann an ScreenWORKS. Tha e na àite sùbailte saor airson obair, choinneamhan agus thachartasan don fheadhainn uile a tha an sàs ann an gnìomhachas an sgrìon.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach tadhail thu air:edinburghscreenworks.co.uk

Gairm airson Inntrigidhean – Duaisean Albannach BAFTA 2009
’S e an ceann-latha Dimàirt 1mh An t-Sultain 2009-08-20
Thèid Duaisean Albannach BAFTA na bliadhna, a tha a’ comharrachadh sàr-mhathais ’s coileanaidh ann an gnìomhachasan filmichean na h-Alba, a chumail air Didòmhnaich 8 An t-Samhain aig cuirm le fuirm ann an Glaschu. Nach tadhail thu air www.baftascotland.co.uk airson mion-fhiosrachaidh a bharrachd no fòn gu 0141 302 1770.

Duaisean Albannach BAFTA 2009 – Gairm airson Luchd-diùiridh
Ma tha ùidh agad ann a bhith nad neach-diùiridh aig BAFTA Alba, nach cuir thu do chunntas-beatha a-null, a’ mìneachadh an eòlais/mion-eòlais a th’ agad, gu jenna@baftascotland.co.uk no cuir fòn gu oifis BAFTA

GAIDHLIG SHORT COURSES
Sabhal Mòr Ostaig
July and August 2009
Contact: Susanne MacDonald, Short Course Co-ordinator
Sabhal Mòr Ostaig, Isle of Skye
IV44 8RQ
Telephone: + 44 (0)1471 888 240
Fax: + 44 (0)1471 888002
Find us on facebook, bebo and mygaelic.com



|