Email not displaying correctly? View it in your browser.

FilmG a’ Tòiseachadh às Ùr
Ann am Bagh a’ Chaisteil

Chaidh FilmG a chur air chois airson na dàrna bliadhna le oidhche shònraichte subhachais aig Àrd-sgoil Bhagh a’ Chaisteil Dimairt 28 Giblean. An làthair bha neach-lìbhrigidh BBC ALBA Fiona NicCoinnich agus aoigh shònraichte Janice Ann NicAoidh bho ‘Aileag’ air Radio nan Gàidheal, a’ tòiseachadh Duaisean FilmG às ùr le gleans is aighearachd agus a’ toirt seachad trophaidh do sgoilearan Bhagh a’ Chaisteil.

Choisinn na Barraich òga an duais Film as Fheàrr san roinn Daoine Òga sa chiad cho-fharpais an-uiridh leis an fhilm-ghoirid aca, ‘An Dùsgadh’. Air sgàth dè cho sgreataidh ’s a bha an aimsir aig an àm cha deach leotha siubhal gu Inbhir Nis sa Ghearran airson cuirm dhuaisean FilmG. Gus dèanamh cinnteach gun rachadh an euchd a chomharrachadh gu dòigheil shiubhail MG ALBA agus sgioba FilmG a Bharraigh far an robh oidhche air leth aca san sgoil.

Na fhaclan-toisich, chuir Àrd-oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, fàilte air na sgoilearan, an luchd-obrach agus a’ choimhearsnachd a bha cruinn còmhla le miann is amas gum bi FilmG fiù ’s nas motha ’s nas fheàrr am-bliadhna.

Bha an iomairt sanasachaidh ùr aig a’ cho-fharpais air a foillseachadh le Oifigear Margaideachd MG ALBA, Murchadh Moireasdan, a’ cur an cèill gun robh FilmG 2 gu h-oifigeil fosgailte. ’S e cuspair na co-fharpais-sa ‘Gaisgeach’, a dh’fhaodar a mhìneachadh ann an grunn dòighean. Chunnaic sinn na bha gaisgich òga Bhagh a’ Chaisteil an comas a dhèanamh – mar sin tog camara, peann is eile agus bi cruthachail!

FilmG Young people winners  FilmG take 2 photo

Banca Tàlaint Ghàidhlig

A bheil thu airson a bhith nad sgrìobhadair no cleasaiche? Tha FilmG a’ lorg luchd-bruidhinn na Gàidhlig a bhiodh deònach sgrioptiachean a sgrìobhadh no a chluich.

Dh’fhaodadh tu an cothrom fhaighinn obair còmhla ri oileanaich à oilthighean eile leithid Napier/RSAMD/Caledonian Ghlaschu/UWS a tha a’ dèanamh chùrsaichean sna meadhanan mar-thà agus a bheil sàr sgilean teicnigeach ach gun Ghàidhlig.

Tha sinn ag iarraidh stòras de thàlant Gàidhlig a chur ri chèile. Chan fhaigh thu pàigheadh air a shon ach ’s e fìor cheum a tha seo gu cosnadh anns na meadhanan Gàidhlig, agus bidh britheamhan à BBC ALBA agus buidhnean eile (Sgàilean na h-Alba is BAFTA Alba) a’ cur sùil air do chuid obrach. Tha cuideachd duaisean rim faotainn airson cluich is neach-lìbhrigidh as fheàrr – theirig gu www.filmg.co.uk no gabh nar buidheann Facebook; lorg Co-fharpais FilmG agus bi nad bhall de ‘FilmG Gaelic Talent’.

Tha sinn an dùil cùrsa trèanaidh a chumail as t-samhradh air sgilean ‘air beulaibh a’ chamara’. Gabh an cothrom an-diugh – cuir thugainn post-d led ainm agus an rud sa bheil ùidh agad gu fios@filmg.co.uk.

Pròiseactan Film Coimhearsnachd

Cothrom Maoineachaidh

Tha Maoin Iomairt Bhòrd na Gàidhlig airson pròiseactan coimhearsnachd, Taic Freumhan Coimhearsnachd, fosgailte do thagraichean bho bhuidhnean coimhearsnachd, buidhnean saor-thoileach &c. ’S iad pròiseactan a b’ urrainn maoineachadh fhaotainn: cur-seachadan taobh a-muigh na sgoil/colaiste do chloinn is òigridh m.e. a’ toirt cothrom air sgilean rèidio is craolaidh ionnsachadh a bharrachd air dràma is na h-ealain. Gabh spòrs is dèan film coimhearsnachd airson cur a-steach do FilmG. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh air: 01463 225 454, post-d: tabhartas@bng.org.uk no tadhail air www.bord-na-gaidhlig.org.uk.

Feumaidh mi Gaisgeach!

Air cùl togail dhealbhan do FilmG

Am faca tu na postairean ùra iongantach againn? Tha an t-uabhas de smaoineachadh is dealbhadh an sàs anns gach iomairt FilmG. Thagh sinn aon chuspair ’son na co-fharpais am-bliadhna – Gaisgeach. ’S e a tha sinn ag iarraidh a chanail, gum faodh NEACH SAM BITH a bhith na ghaisgeach; air aois no cosnadh sam bith. Tha sinn air ar cuairteachadh le gaisgich – an seòrsa dhaoine a ghluaiseadh tu gu film-aithriseach no dràma taitneach no comadaidh craicte èibhinn a dhèanamh.

Sa chiad àite bha againn ri rannsachadh – a’ coimhead air postairean-film de chaochladh gnè, dealbhan daoine a ghlacas do shuìl, aodann a dh’innseas sgeulachdan is a thogas ar n-ùidh ann an cuspair.

An uair sin, ’s e an t-àite – daonnan dùbhlanach, ach cleas na bliadhna an-uiridh thog sinn ar dealbhan uile san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, far a bheil ar companaidh bheag stèidhte. Tha e sealltainn na ghabhas dèanamh air do stairsnich fhèin.

Lorg sinn ar modailean fhìn faisg air làimh cuideachd aon uair ’s gun go rinn sinn co-dhùnadh mun ìomhaigh iomchaidh don iomairt. Chan e luchd-trusgain proifeiseanta a bh’ againn idir ach bha iad ro thoileach dol an lùib a’ phròisiect – fiù ’s ma bha aig aonan dhiubh ri seasamh mar ghlaoic ann an co-op an Àth Leathainn le briogais laidhcra teann òir air! A dh’aindeoin ’s na bh’ ann de nàire chan fhaic thu fiù ’s aiteal dhen bhriogais san deilbh, ach aig a’ char as lugha thug i air Tom a bhith a’ faireachdainn uabhasach gaisgeil.

Chuir neach-camara FilmG, Steve MacCoinnich, dà latha seachad airson na dealbhan a thogail agus còmhla ri sgioba dealbhaidh FilmG bha iad ri draoidheachd airson na postairean deireannach a thoirt gu ìre. Leig do bheachdan thugainn air facebook, bebo no air mygaelic.com!

Gaisgeach 1  Gaisgeach 2  Gaisgeach 3

Tachartasan is Buidhnean-obrach

goNorth, Inbhir Nis
12 Ogmhìos
Tachair le sgioba FilmG
Aite/fiosrachadh tbc

Skillset

SGRÌOBHADH-SGÀILEIN EADAR-MHEADHANACH
– Àiteachan air fhàgail!
Acadamaidh Mheadhanan is Sgàilein Skillset Dhùn Èideann
7 Cèitean – 23 Iuchair 2009, Diardaoin 6-8f
2A Merchiston Ave, Dùn Èideann EH10 4NU
cosgais: £250 (làn), £200 (lasaichte)

SÀS-CHLAS BRIAN WARD
FÈIS FHILM DHÙN PHRIS
2 Cèitean, Taigh-dhealbh Ionad Raibeirt Bhurns, Mill Road, Dùn Phris DG2 7BE
Fòn: 01387 264 808
Tiocaidean: An-asgaidh ach àirleiseachadh deatamach

doc fest logo
BUIDHEANN-OBRACH COITEACHAIDH SHEFFIELD DOC/FEST

Dihaoine 22 Cèitean – Ionad riochdachaidh Acadamaidh Sgàilein na h-Alba, 2A Merchiston Ave, Dùn Èideann EH10 4NU
Buidheann-obrach shònraichte AN-ASGAIDH air a’ reic do bhun-bheachd fhèin agus margaideachd, a’ tabhann ullachadh slàn airson maoineachadh fhaotainn don phròiseact aithriseach agad – aig Margaid Doc/Fest’s 2009.

Edinburgh Film Festival
FÈIS DANNSA AIR FHILM
Taigh-dhealbh Dhùn-Èideann, 21-30 Cèitean

Sabhal Mor Ostaig Logo
CÙRSAICHEAN GOIRID GÀIDHLIG

Sabhal Mòr Ostaig

Iuchair is Lùnastal 2009
Fios: Susanne NicDhòmhnaill, Co-òrdanaiche Chùrsaichean Goirid
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach
IV44 8RQ
Fòn: +44 (0)1471 888 240
Facs: +44 (0)1471 888 002

Gheibh thu sinn air facebook, bebo agus mygaelic.com

bebo

facebook

my Gaelic




Email not displaying correctly? View it in your browser.
banner English

FilmG launch at goNorth
FilmG held a special launch event for members of the screen and broadcast media and film makers at the goNorth festival in Inverness, Friday 12 June.

Delegates gathered for a light lunch and glass of wine after which Donald Campbell, Chief Executive of MG ALBA introduced last year’s winning professional film, ‘Siubhlachan’ by Uisdean Murray. Unfortunately Uisdean couldn’t be there to speak about his film as he was promoting it at the Time Film Festival in Switzerland. New Entrant winner Seonaid MacDonald spoke about the experience of making her film ‘Oidhche Shathairne’ along with her cameraman, Jim Hope. Their successful collaboration began at the FilmG workshop weekend on Skye last October. Indeed it was great to see so many of last year’s entrants again and hear about their current projects.

Collaboration is a key message to participants in FilmG this year. Make sure to use our website and social networks to get in touch with the right people who can help you with your projects, and if you have any questions please do not hesitate to get in touch with the FilmG team (Floraidh and Michelle).
A huge thanks to Amanda Millen and Iain Hamilton from Highlands and Islands Enterprise Creative Industries Department for giving us the opportunity and a really enjoyable day.


FilmG Young people winners  FilmG take 2 photo

FilmG winner goes global!

Uisdean Murray, FilmG winner and acclaimed young director from North Uist has been invited to take part in two prestigious international film festivals this summer.

The Time Film Festival is an international competition of short films taking place in Switzerland on June 19 and 20 and the Puchon International Fantastic Film Festival, taking place in South Korea on July 16 is the biggest genre film festival in Asia.

‘Siubhlachan’ will be considered for several awards at both the Time Film Festival and the Puchon International Fantastic Film Festival.

Uisdean Murray said: “I'm very proud of the film and all those that helped make it. It is a fantastic honour to be selected for such prestigious festivals and I am looking forward to promoting Siubhlachan to an international audience. I am currently developing the short film into a broadcast pilot for BBC ALBA.”

Donald Campbell, Chief Executive of MG ALBA said: “‘Siubhlachan’ is a gem. It encapsulates everything we hoped for from FilmG - an enthralling story told movingly with new on-screen talent. We wish Uisdean all the very best when he competes in these two major international film festivals in Switzerland and South Korea. Festival-goers are in for a treat when they see the film, and we hope they will see it as a showcase for the creative talent there is in the Gaelic television and film industry.”

“Siubhlachan is also screening at Rutger Hauer’s Internet Contest section of his film festival “I’ve Seen Films” later in the year. For further information visit www.icfilms.org

Interview with Megan MacLellan
Winner of Best Performance (Young People), FilmG 2008 for her role in An Rathad Dachaidh by Mallaig High School.

Has your life changed since FilmG 2008?
No, but winning an award gave me a lot of confidence. I also learned that you need more than one take to get a shot right!

An Rathad Dachaidh ended with a cliffhanger. Did anything happen between you and Fraser in the end?
No!

Would you like to star in a film?
Yes, but maybe a supporting role at first, to build up confidence.

What is your advice to anyone wanting to take part in FilmG 2009?
Enjoy it! Don’t just go with your first idea, develop a script and make something interesting happen within five minutes- don’t let it get boring!

Watch Megan in An Rathad Dachaidh on www.filmg.co.uk


FilmG Gaelic talent

If you are a making a film for FilmG and looking for a Gaelic speaker, please get in touch with us.

Our Gaelic talent bank is steadily growing. At the moment members of the Gaelic Talent bank can be found on our dedicated Facebook page; Co-fharpais FilmG, so why not have a look for yourself? If you would like to contact anyone on this page send an email to fios@filmg.

We will shortly be uploading Gaelic Talent onto the FilmG website.
If you are an aspiring writer, actor or performer and willing to share your language skills, now is the time to get involved. You could get the opportunity to work with students from other universities like Napier/RSAMD/Glasgow Caledonian/UWS who already doing media courses, have great technical skills but without Gaelic.

You won’t get paid but it is stepping stone to working in Gaelic media, with judges from BBC ALBA and other organisations (Scottish Screen and BAFTA Scotland) seeing your work. You could also be in with a chance to win a prize for best performance or best presenter.


Gaisgeach 1  Gaisgeach 2  Gaisgeach 3

Events & Workshops

goNorth, Inverness
12 June
join the FilmG team
Venue/details tbc

Skillset

INTERMEDIATE SCREENWRITING

Edinburgh Skillset Screen and Media Academy – Places still available!
7th May – 23rd July 2009, Thurs 6-8 pm
2A Merchiston Ave, Edinburgh EH10 4NU
cost: £250 (full) £200 (concession)

BRIAN WARD MASTERCLASS
DUMFRIES FILM FESTIVAL

2nd May, Robert Burns Centre Film Theatre, Mill Road, Dumfires DG2 7BE
Phone: 01387 264808
Tickets: Free but booking essential

doc fest logo
SHEFFIELD DOC/FEST PITCHING WORKSHOP

Friday 22nd May – Screen Academy Scotland production centre, 2A Merchiston Ave, Edinburgh EH10 4NU
A special FREE one-day documentary pitching and marketplace workshop offering complete preparation for getting your factual project funded internationally, including at Doc/Fest’s Marketplace 2009.

Edinburgh Film Festival
DANCE ON FILM FESTIVAL
Edinburgh Filmhouse, 21 -30 May

Sabhal Mor Ostaig Logo
GAIDHLIG SHORT COURSES

Sabhal Mòr Ostaig

July and August 2009
Contact: Susanne MacDonald, Short Course Co-ordinator
Sabhal Mòr Ostaig, Isle of Skye
IV44 8RQ
Telephone: + 44 (0)1471 888 240
Fax: + 44 (0)1471 888002

Find us on facebook, bebo and mygaelic.com

bebo

facebook

my Gaelic

Footer

To unsubscribe email fios@filmg.co.uk

For further information contact:
Michelle Cotter
tel:01471888513